An Eala Bhàn (The Fair Swan) − Breizh Partitions
菜單正文

Breizh Partitions

凱爾特音樂免費樂譜

Breizh Partitions

An Eala Bhàn (The Fair Swan)

An Eala Bhàn (The Fair Swan)」是為蘇格蘭風笛整理的慢歌樂譜。此樂譜來自蘇格蘭。Dòmhnall Ruadh Chorùna作曲(1916)。

作曲 Dòmhnall Ruadh Chorùna(1916年)
作詞 Dòmhnall Ruadh Chorùna
改編 A. Clark
地區 歐洲歐洲 > 英國英國 > 蘇格蘭蘇格蘭
風格 慢歌
樂器 蘇格蘭風笛
調性 降B大調
節拍 6/8
授權 未知授權

下載

格式 下載 大小
bww An_Eala_Bhàn_(The_Fair_Swan).bww  613 字節
txt An_Eala_Bhàn_(The_Fair_Swan).txt  1.81 KiB
gif An_Eala_Bhàn_(The_Fair_Swan).gif  12.63 KiB

An Eala Bhàn (The Fair Swan)


An Eala Bhàn

Dòmhnall Ruadh Chorùna


    Gur duilich leam mar tha mi
    ’S mo chridhe ’n sàs aig bròn
    Bhon an uair a dh’fhàg mi
    Beanntan àrd a’ cheò
    Gleanntannan a’mhànrain
    Nan loch, nam bàgh ’s nan sròm
    ’S an eala bhàn tha tàmh ann
    Gach latha air ’m bheil mi ’n tòir.

    A Mhagaidh na bi tùrsach
    A rùin, ged gheibhinn bàs-
    Cò am fear am measg an t-sluaigh
    A mhaireas buan gu bràth?
    Chan eil sinn uile ach air chuairt
    Mar dhìthein buaile fàs
    Bheir siantannan na blianna sios
    ’S nach tog a’ ghrian an àird.

    Tha ’n talamh leir mun cuairt dhìom
    ’Na mheallan suas ’s na neòil;
    Aig na ’shells a’ bualadh -
    Cha leir dhomh bhuam le ceò:
    Gun chlaisneachd aig mo chluasan
    Le fuaim a’ ghunna mhòir;
    Ach ged tha ’n uair seo cruaidh orm
    Tha mo smuaintean air NicLeòid.

    Air m’ uilinn anns na truinnsichean
    Tha m’ inntinn ort, a ghràidh;
    Nam chadal bidh mi a’ bruadar ort
    Cha dualach dhomh bhith slàn;
    Tha m’ aigne air a lionadh
    Le cianalas cho làn
    ’S a’ghruag a dh’fhàs cho ruadh orm
    A nis air thuar bhith bàn.

    Ach ma thig an t-àm
    Is anns an Fhraing gu faigh mi bàs
    ’S san uaigh gun tèid mo shìneadh
    Far eil na mìltean chàch,
    Mo bheannachd leis a’ ghruagaich,
    A’ chaileag uasal bhbànn -
    Gach là a dh’fhalbh gun uallach dhi,
    Gun nàire gruaidh na dhàil.

    Oidhche mhath leat fhèin, a rùin
    Nad leabaidh chùbhraidh bhlàth;
    Cadal sàmhach air a chùl
    Do dhùsgadh sunndach slàn.
    Tha mise ’n seo ’s an truinnsidh fhuar
    ’S nam chluasan fuaim bhàis
    Gun duil ri faighinn às le buaidh -
    Tha ’n cuan cho buan ri shnàmh.
    
Source: https://en.wikipedia.org/wiki/An_Eala_Bhàn

本網站所有樂譜均可免費下載,但部分樂譜可能受著作權保護。
如有類似情形,請聯繫網站管理員,相關樂譜將即刻撤除。